Gàidhlig

’S e ar n-amas biadh mara nan eilean a thaisbeanadh.

Tha na h-eileanan àlainn againn air an cuairteachadh le uisgeachan glana làn mhaoraich is èisg blasta a tha a’ còrdadh ri daoine air feadh an t-saoghail.

Air an làrach seo, lorgar am bathar as fhaisge oirbh gus an urrainn dhuibh biadh mara ùr fhaighinn agus coimhearsnachdan ionadail a chuideachadh aig an aon àm.

Nuair a bhios suidheachadh a’ Choròna-bhìorais seachad, tha sinn an dòchas gun till luchd-turais ’s gum faigh iad cothrom biadh mara nan eilean fheuchainn a-rithist!